Rabhadh mu dhaoine le tinneas an t-siucair
- Air fhoillseachadh

Chan eil faisg air 20% de dhaoine air a bheil tinneas an t-siucair air a' Ghàidhealtachd a' dol 'son deuchainn sùla bhliadhnail mar bu chòir.
A rèir nam figearan bhon NHS, 's e sgìre na Gàidhealtachd an dàrna sgìre as miosa ann an Alba a-thaobh seo.
Tha duilgheadasan an lùib tinneas an t-siucair a dh'fhadaodh droch bhuaidh a thoirt air fradharc neo fiù 's daoine fhagail dall, ach gabhaidh seo a sheachnadh ma thèid a lorg an ìre mhath tràth.
Tha a' bhuidheann Diabetes Scotland air draghan a thogail mu na figearan.
Thuirt Clare Fleming bhon bhuidhinn: " Tha deuchainnean sùla mar phàirt riatanach de chùram do dhaoine air a bheil tinneas an t-siucair.
"Dh'fhaodadh an obair seo lorg fhaighinn air rabhaidhean tràth a tha ag innse gu bheil milleadh ga dhèanamh air na sùilean agus bheir sin cothrom do dhaoine leigheas fhaighinn airson stad a chur air tuilleadh croin."
Tha 291,000 neach ann an Alba a tha a' fulaing le tinneas an t-siucair.