Tubaist rathaid air na Lochan

  • Air fhoillseachadh

Chaidh dithis a thoirt dhan ospadal às dèidh tubaist rathaid ann an Leòdhas oidhche Dhiardaoin.

Thachair an tubaist mu mhìle gu leth deas air garaids nan Loch mu 18:45f.

B'fheudar do luchd-smàlaidh innealan-gearraidh a chleachdadh gus an dithis fhaighinn a-mach as a chàr.

Thug carbad-eiridinn gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh iad ach chan eil dùil gun deach an droch ghoirteachadh.