Rannsachadh Poilis air an Nancy Glen

  • Air fhoillseachadh
Przemek Krawczyk agus Donnchadh MacDhùghaill

Tha rannsachadh poilis a' dol air adhart air mar a chaidh am bàt'-iasgaich an Nancy Glen fodha ann an Earra-Ghàidheal na bu tràithe am-bliadhna.

Chaidh an tràlair fodha ann an Loch Fìn anns an Fhaoilleach agus chaillear dithis chriutha, Donnchadh MacDhùghaill, 46, agus Przemek Krawczyk, 38.

Bha an dithis aca a' fuireach air Tairbeart Loch Fìn.

Bha iasgair eile air bòrd agus fhuair esan air tarraing às le bheatha.

Dhearbh Oifis a' Chrùin gu bheil Neach-Casaid a' Chrùin air iarraidh air Poileas Alba cùisean co-cheangailte ri bàs an dithis a rannsachadh.

Roghnaich luchd-rannsachaidh mara an toiseach gun an Nancy Glen a thogail, ach, às dèidh dha na teaghlaichean iomairt a thòiseachadh airson airgead a thogail, cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba gum pàigheadh iadsan air a shon.