Briathrachas a' Mhaoraich
Thòisich Dualchas Nàdar na h-Alba co-chomhairle an-diugh agus iad a' sireadh bheachdan a thaobh na h-ainmean Gàidhlig a thathas a' cleachdadh airson diofar sheòrasaichean maorach.
Tha iad mothachail gu bheil bearn ann am briathrachas na Gàidhlig nuair a thig e chun a' chuspair.
Mairidh a' cho-chomhairle fad sia seachdainean agus tha SNH gu mòr airson 's gun cuir daoine am beachdan thuca.
Tha Annabel Nic 'illinnein ag aithris.