Buaidh dhan Rubha is na Lochan
- Air fhoillseachadh

Bha tadhail gu leòr aig Garrabost oidhche Chiadain.
Tha an Rubha is na Lochan le chèile air 6 puingean bho 3 geamaichean ann an Lìog Leòdhais às dèidh dhaibh buannachadh oidhche Chiadain.
Shoirbhich leis an Rubha 4-3 an aghaidh an Taobh Siar ann an geama iongantach ann an Garrabost.
Chaidh an Taobh Siar air thoiseach le tadhal bho Ailig John Moireasdan.
Thòisich na tadhail an uairsin a' frasadh a-steach ro leathach ùine.
Trang
Thàinig 4 dhiubh ann an 5 mionaidean.
Bha na Rubhaich co-ionnan le tadhal bho Elliot Rudall, is chuir 2 bho Rob Jones iad air thoiseach 3-1.
Bha ùine ann fhathast dha na Siaraich tadhal fhaighinn air ais, Innes Iain Moireasdan leis, is feum aig a h-uile duine air cupa teatha aig leathach ùine.
Bha cùisean na bu shocaire san dàrna leth, ach bha an Taobh Siar co-ionnan le cairteal na h-uaireach air fhàgail nuair a chuir Iain MacCoinnich am ball dhan lìon aige fhèin.
Chuir Elliot Rudall crìoch air an oidhche le deich mionaidean air fhàgail leis an tadhal a bhuannaich an geama dhan Rubha 4-3.
Bha tadhail gu leòr aig Cnoc a' Choilich cuideachd.
Chuir Gòrdan 'Tago' Dòmhnallach na Lochan air thoiseach an aghaidh na seann sgioba aige, is thàinig tadhal eile goirid às a dhèidh bho John 'Uig' Moireasdan.
Co-ionnan
Bha Càrlabhagh co-ionnan aig leathach ùine ge-tà, na tadhail a' tighinn bho Chalum Masson is Caoimhin MacLeòid.
Chuir breab-peanais bho John 'Uig' Moireasdan na Lochan air ais air thoiseach is chuir Dàibhidh Mac a' Mhaoilein crìoch air an oidhche is na Lochan a' soirbheachadh 4-2.
Ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse oidhche Chiadain, 's e 3-0 a bh' ann dha Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich an aghaidh Ghleann Eilg.
Thàinig na tadhail air fad san dàrna leth, Ben MacNeacail, Gus Dòmhnallach is Iain MacAonghais leotha.