Dìon air planaichean HIAL son cìsean pàrcaidh
Rinn Riaghaltas na h-Alba dìon làidir air plana Chompanaidh Phuirt Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson cìs parcaidh de £3 a chuir air caraichean aig na puirt adhair aca ann a cuid a dh'eileanan.
Thuirt HIAL gun tèid seo a chur a sàs bhon chiad là dhan Iuchair aig puirt adhair Steòrnabhagh, Sumburgh, agus Baile na h-Eaglaise.
Ach thuirt ball pàrlamaid Shealltainn, Tabhais Scott, gur e cìs eile a tha seo air eileanaich, 's gum bu chòir stad a chur air 'sa bhad.
Seo am fear-naidheachd poileataiceach againn, Mìcheal MacNèill:-