Atharrachaidhean an Inbhir Pheofharain
- Air fhoillseachadh

Mìchael Gardyne is Stiùbhart Kettlewell aig làn-ùine.
Thuirt co-mhanaidsear Ross County, Stiùbhart Kettlewell, gum bi atharrachaidhean mòra aig a' chlub às dèidh dhaibh a dhol sìos bhon Phrìomh Lìog.
Ged a bha County air thoiseach tron mhòr-chuid den gheama an aghaidh St Johnstone Disathairne, dh'fhàg tadhal anns na dìogan mu dheireadh bho Dhàibhidh Wotherspoon na sgiobaidhean co-ionnan 1-1 aig làn-ùine.
Air a' cheann thall cha robh sin gu diofar co-dhiù is Partaig a' buannachadh 1-0 an aghaidh Dhùn Dè.
Cluichidh Partaig a-nise play-off an aghaidh Bhaile Dhunlèibhe is County a' dol sìos dìreach dhan Championship.
Tha seo a' toirt gu ceann sia bliadhna sa Phrìomh Liog dha sgioba Inbhir Pheofharain.
A bharrachd air sin, tha e a' ciallachadh nach bi ball-coise sa Phrìomh Lìog idir air a' Ghàidhealtachd is ICT cuideachd san Championship an-dràsta.
"Cha do bhuannaich sinn ach sia geamaichean fad an t-seusain is chan eil sin math gu leòr", thuirt Kettlewell.
"Feumaidh sinn a-nise coimhead ris an t-suidheachadh a th' againn is mar a tha sinn a' dol a ghluasad air adhart.

"Tha a h-uile sian a' dol a dh'atharrachadh gu mòr an seo anns na mìosan ri tighinn", thuirt e.
Ged nach do bhuannaich County ach aon gheama às dèidh do Kettlewell is Steafan Fearghasdan an sgioba a ghabhail os làimhe, tha gu leòr den bheachd gur ann fo stiùir Owen Coyle a chaidh an cron as motha a dhèanamh.
Chaidh Coyle a chur dhan obair san t-Sultain às dèidh do Chounty Jim Mac an t-Saoir a chur às a dhreuchd, ach cha mhair e ach còig mìosan.
Cha b'urrainn do Kettlewell is Fearghasdan an uairsin an gnothach a thionndadh mun cuairt.
"Gun teagamh 's e mearachd a bh' ann Coyle a thoirt a-steach," thuirt Padraig MacAmhlaidh, a tha a' cur taic ri County.
"Nam biodh Roy MacGrìogair air a dhol domhnain dhan chùis bhiodh e air faicinn gun robh na làithichean is fheàrr aig Owen Coyle mar mhanaidsear às a dhèidh", thuirt e.
Feumaidh Stiùbhart Kettlewell is Steafan Fearghasdan a-nise tòiseachadh às ùr feuch Ross County a thilleadh dhan ìre as àirde.