Naidheachdan 11:00m
Thug ceannard MI5 an aghaidh air an Ruis agus e a' bruidhinn gu poblach airson a' chiad uair bho bha an ionnsaigh le puinnsean ann an Salisbury. Thuirt Anndra Parker na òraid ann am Berlin gu bheil an Ruis a' sìor fhàs aonaranach agus gum feum poileasaidh cèin Mhosgo atharrachadh. Chàin e an ionnsaigh ann an Salisbury, an gluasad ann an Crimea, agus an dòigh sa bheil an Ruis a' gabhail gnothaich, thuirt e, ri taghaidhean sna dùthchannan an iar.
Tha aithisg ùr ag ràdh gu bheil gràisgean eucorra ann an Alba a' sìor fhàs cunnartach dhan mhòr-shluagh. Tha an aithisg bho Bhuidhinn Nàiseanta na h-Eucorra agus Poileas Alba, ag ràdh, ged nach eil uimhir de na gràisgean sin ann, gu bheil an cunnart bhuapa ag èirigh. Tha an aithisg ag ràdh, ged a tha na Poilis a' toirt nan gunnaichean bhuapa, gu bheil na buidhnean sin buailteach fhathast armachd a chleachdadh ann an àiteachan poblach.
Dh'iarr seann Rùnaire Cèin nan Làbarach, Dàibhidh Miliband, air Buill-Phàrlamaid smachd air Brexit a thoirt bhon Riaghaltas. Tha esan agus an t-seann cheannard Lib-Deamach Sir Nick Clegg, ag iarraidh air a' Phàrlamaid cur às do dh'oidhirp an Riaghaltais air falbh às a' Mhargaidh Shingilte agus Aonadh na Cusbainn. Thuirt am ball Tòraidheach, Jacob Rees-Mogg, a tha gu mòr air taobh Bhrexit, nach eil ann an Dàibhidh Miliband agus a leithid ach feadhainn a th' ann an èiginn, agus làn-fhios aca nach cuir iad stad air Brexit.
Chuir teaghlach Tessa Jowell fàilte air dearbhadh bhon Riaghaltas gum bi, mar chuimhne oirre agus mar dhìleab, cùram is rannsachadh nas fheàrr ann air aillse eanchainne. Chaochail an t-seann mhinistear caibineat Làbarach, air an robh aillse eanchainne, Disathairne, agus i air na mìosan mu dheireadh aice a chur seachad ag iarraidh tuilleadh taic do dh'fheadhainn air a bheil an tinneas sin a' toirt buaidh.
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' moladh do Riaghaltas na h-Alba am bàta-bathair Clipper Ranger fhaighinn air màl airson cùisean a dhèanamh nas fhasa air slighean aiseig nan eilean. Tha a' Chomhairle a' cur cuideim air an Riaghaltas bho dh'fhàs e follaiseach gum bi aiseagan nan eilean fìor thrang am-bliadhna a-rithist, agus dùil gur ann mar sin a leanas. Thuirt Còmhdhail Alba gun do bhruidhinn iad ris a' chompanaidh leis a bheil an Clipper Ranger, agus nach eil iad deònach a toirt seachad air màl airson ùine ghoirid.
Chaidh iarraidh air Dualchas Nàdair na h-Alba stòras airgid a stèidheachadh a nì dìon agus leasachadh air cùisean cultarail agus nàdarra na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Bidh an t-airgead stèidhichte air taic Eòrpaich ERDF, gus e ag amas gu h-àraid air na sgìrean as iomallaiche far a bheil turasachd cudromach dhan eaconomaidh. Coinnichidh SNH air an ath-mhìos ris na diofar bhuidhnean aig am biodh pàirt ann.