Ceistean mu chamarathan rathaid Mhoireibh

  • Air fhoillseachadh
Rathad ann am MoireibhTùs an deilbh, Ann Harrison / Geograph

Tha ceistean air nochdadh mun dòigh anns a bheil sgeama chamarathan sàbhailteachd rathaid ann am Moireibh ag obair.

Cluinnidh comhairlichean Mhoireibh Dimàirt aig Comataidh Leasachaidh Eaconomaich agus Seirbheisean Bun-Structair na Comhairle nach eil na camarathan sàbhailteachd ag amas air àiteachan far a bheil dràibheadh ro luath na thrioblaid.

Tha Aonad Chamarathan Sàbhailteachd a Tuath air lùghdachadh mòr a thoirt air tubaistean anns an sgìre, ach tha an àireamh de thubaistean a tha ag adhbharrachadh droch leòin air a dhol suas.

Tha e coltach gu bheil duigheadas ann le bhith a' gluasad nan aonadan camara, agus tha còmhraidhean a' dol le Còmhdhail Alba mu dheidhinn na dòigh anns a bheil na camarathan air an cur an gnìomh.

Airgead ga thoirt air ais

Cluinnidh comhairlichean cuideachd gum feum a' Chomhairle £170,000 a phàigheadh air ais do chompanaidh taigheadais leis nach deach aca air an t-airgead a chosg ann an àm.

Ann an 2003 chuir a' chompanaidh leasachaidh Springfield Properties airgead mu choinneimh bhun-structair nan rathaidean ann an Eilginn.

Ach às dèidh mar a chaidh cur às do phlanaichean airson rathad ùr sa bhaile, tha dàil air a bhith ann a' cur phlanaichean ùra na àite airson sgeama airson faothachadh a thoirt air tromad na trafaig aig cearcall-rathaid Laichmoray.

Ri linn 's gum b' fheudar an t-airgead sin a chosg taobh a-staigh 15 bliadhna - cothrom a tha a' tighinn gu crìch anns an Lùnastal am-bliadhna - thèid an t-airgead sin a-niste a thoirt air ais don chompanaidh.