Ionad Turasachd ainmeil leis a' choimhearsnachd?
- Air fhoillseachadh

Tha Comann Coimhearsnachd Sgìreil Ghlinn Urchadain am beachd Ionad Turasachd Dhruim na Drochaid, an Ionad Turasachd aig Caisteal Urchadain agus pìos fearainn a tha an-dràsta leis a' bhuidhinn taigheadais Loch Ness Homes, a ghabhail thairis.
Tha Visit Scotland a' dùnadh an ionaid aca ann an Druim na Drochaid fhèin a dh'aithghearr, agus tha a' choimhearsnachd a-nise airson a cheannach, leis an raon-pharcaidh a tha ri thaobh.
Tha iad cuideachd ag iarraidh an Ionad Turasachd agus an raon-parcaidh aig Caisteal Urchadain a cheannach cuideachd.
Coinneamh Phoblach
'S e Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba a tha a' coimhead às dèidh Chaisteil Urchadain an-dràsta, agus dhearbh iad gu bheil a' bhuidheann coimhearsnachd air bruidhinn riutha mu bhith a' gabhail thairis an Ionaid Thurasachd agus an raoin-pharcaidh a tha ri làimh.
Cùmaidh a' bhuidheann coimhearsnachd coinneamh phoblach ann an Talla Ghlinn Urchadain Dimàirt an 22na Cèitean 'son mìneachadh a bharrachd a thoirt seachad do dhaoine a tha a' fuireach san sgìre.
Tha cuid a' dèanamh a-mach gun dèanadh a' choimhearsnachd airgead mòr às ma ghabhas iad na h-ionadan os làimh.
B' e Caisteal Urchadain fear de na caistealan as motha an Alba mus deach sgrios a dhèanamh air agus thuit e am broinn a chèile.