Dragh mu chìs-leapa

Tha dragh air luchd-gnìomhachais air a' Ghàidhealtachd gun cuir cìs-turasachd stad air daoine bho bhith tighinn dhan sgìre.

Sheall sgrùdadh a rinn Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga gu bheil faisg air trì chairteal de luchd-gnothaich an aghaidh chìs.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd airson iarraidh air luchd turais not a bharrachd a phaigheadh airson leabaidh. Seo Eileen NicDhòmhnaill.