Athchuinge mu àite thacsaidhean Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Chuir còrr air 3000 duine an ainmean ri athchuinge an aghaidh a bhith a' dùnadh àite-feitheimh nan tacsaidhean air Slighe a' Chaisteil ann an Inbhir Nis.

Tha oifigearan Chomhairle na Gàidhealtachd air grunn àitean eile a mholadh far am faodadh na tacsaidhean stad ach tha Comann Tacsaidhean Inbhir Nis air cur nan aghaidh air sgàth draghan mu shàbhailteachd, trioblaidean trafaig air neo gun tigeadh cosgais a bharrachd air luchd-siubhail.

Thèid an athchuinge a thoirt seachad dhan Chomhairle Diciadain.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh