Drabastair air tagradh a chall
- Air fhoillseachadh

Chaill fear a chlàir e fhèin a' toirt ionnsaighean feise air boireannach an tagradh aige an aghaidh a' bhinn phrìosain naoi bliadhna a chaidh air.
Lorg an tè a bha Marc Ronald air èigneachadh dealbhan bhideo a bha e air clàradh air a' choimpiutair aige.
Bha Ronald, a tha 45, ag obair na sgiobair air bàt-iasgaich, agus e a' fuireach an Dùn Bheagain san Eilean Sgitheanach.
Thug e na h-ionnsaighean air a' bhoireannach aig seòlaidhean ann an Arcaibh agus faisg air Inbhir Pheofharain.
Chaidh na dealbhan a chleachdadh ann an cùis-lagha na aghaidh an-uiridh.
Cha do ghabh a' Bhana-Mhorair Dorrian idir ris an tagradh aige an aghaidh a' bhinn de naoi bliadhna a chaidh air airson nan ionnsaighean.
Thuirt i gun robh e follaiseach gun robh am boireannach gun mhothachadh aig àm nan ionnsaighean, agus nach robh e duilich mu na thachair air choir sam bith.
Chaidh Ronald mar tha a chur air clàr nan drabastairean.