Mì-thoileachas mu aiseag Mhuile
- Air fhoillseachadh

Bhris siostam ràdair an MV Isle of Mull.
Dh'fhàg ceò agus ràdar briste air a' bhàt-aiseig an MV Isle of Mull còrr air 200 duine glaiste ann am Muile Disathairne.
Ged a bha an MV Coir' Uisg' cuideachd a' ruith air an t-slighe eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair tha cho trang 's a tha an t-slighe sin an-dràsta a' fagail nach b' urrainn dhi-se an còrr charbadan a thoirt leatha.
Chan urrain dhan Choir' Uisg' seòladh anns an dorchadas, agus mar sin, nuair a bha an t-aiseag sin deiseil airson an là, bha luchd-siubhail fhathast air fhàgail air an eilean.
B' fheudar do ChalMac barrachd sheòlaidhean a chur air dòigh eadar Fisnis agus Loch Àlainn tron oidhche gus am faigheadh daoine air an t-eilean fhàgail.
Chaidh ceannardan ChalMac a cheasnachadh mu na trioblaidean aig coinneimh de Luchd-Cleachdaidh Aiseagan Earra-Ghàidheal anns an Òban Diluain.
Thuirt Ceannard Sheirbheisean na companaidh, Raibeart Moireasdan, gur e suidheachadh doirbh ris an robh aca ri dèiligeadh, ach gum feum iad prìomhachas a thoirt an-còmhnaidh do shàbhailteachd an luchd-siubhail.