Àiteachas na "chnàimh-droma"
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr Aonadh nan Tuathanach gun tèid cho cudromach 's a tha obair àiteachais do choimhearsnachdan eileanach aithneachadh ann am Bile nan Eilean.
Chaidh am bile tro Phàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo chaidh.
Chuir NFU na h-Alba fàilte air a' bhile is gu sònraichte gun tèid 'plana eileanach nàiseanta' a steidheachadh le ro-innleachd airson eileanan na dùthcha.
Thuirt iad gu bheil àiteachas a' cruthachadh bìdh is gu bheil e cuideachd a' cumail taic ri gnothaichean eile mar thurasachd is gnìomhachas a' bhìdh is na dibhe.
Tha iad ag ràdh mar sin gum feum àite gu math cudromach a bhith aig croitearachd is tuathanachas anns a' phlana eileanach nàiseanta.
Aiseagan
Aig an dearbh àm, tha an NFU cuideachd ag ràdh gum feum ceanglaichean aiseig earbsach a bhith ann ma tha coimhearsnachdan eileanach gus soirbheachadh.
Thuirt iad gu bheil an troimhe-chèile aiseig anns na seachdainean mu dheireadh a' sealltainn a-rithist cho cugallach 's a tha seirbheisean an-dràsta.
Dh'iarr iad air Riaghaltas na h-Alba barrachd airgid a chosg air aiseagan is puirt.
Thuirt iad cuideachd gum bu chòir RET a chur an sàs gun dàil a bharrachd air seirbheisean aiseig Arcaibh is Shealltainn.