Tubaist mhairbhteach ann am Moireibh

  • Air fhoillseachadh
Tubaist air a' B9015Tùs an deilbh, Jasperimage
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an rathad dùnte fad grunn uairean de thìde.

Bhàsaich fear air motor-baidhseagal às dèidh tubaist le càr ann am Moireibh.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu làrach na tubaiste air a' B9015 faisg air a' Ghearmaich mu 5:30f Dimàirt.

Cha deach dràibhear a' chàir, Citreon dearg, a leòn anns an tubaist.

Bha an rathad dùinte fad grunn uairean de thìde fhad 's a bha rannsachadh ga dhèanamh.

Thathas ag iarraidh air daoine a bh' air an rathad aig an àm agus nach do bhruidhinn ris na Poilis fhathast, fios a chur thuca.