Dòchas aig tuath mu leudachadh Heathrow

  • Air fhoillseachadh
Port-adhair Inbhir NisTùs an deilbh, HIAL
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dòchas ann gum faigheadh bailtean leithid Inbhir Nis buannachd às an leudachadh aig Heathrow.

Tha ceannardan gnìomhachais air a' Ghàidhealtachd air fàilte a chur air co-dhùnadh an Riaghaltais taic a chur ris an treas raon-laighe aig Heathrow.

Tha strì mhòr air a bhith ann thar nam bliadhnaichean airson àiteachan-laighe a ghlèidheadh aig Heathrow 's aca ri bhith a' farpais le slighean eadar-nàiseanta a tha tòrr nas prothaidiche dha na companaidhean adhair.

Thuirt Fraser Grieve bhon Chomhairle Albannaich airson Leasachaidh agus Gniòmhachais gu bheil e misneachail gum faigh puirt-adhair roinneil, leithid Inbhir Nis, cothrom air tuilleadh sheirbheisean a Lunnainn ma thèid an treas raon-laighe air adhart.

Bidh Buill-Phàrlamaid a' bhòtadh air na planaichean, a th' air connspaid mhòr adhbharachadh, air an ath-mhìos.