Inbhe "Baile Ciùird Cruinne" dha na h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh

Rinn Ùghdarras a' Chlò Hearaich, an HTA, tagradh airson na h-aithne seo.
Chaidh inbhe "Baile Ciùird Cruinne" a bhuileachadh air na h-Eileanan an Iar airson gnìomhachas a' Chlò Hearaich.
Thuirt Àrd-Oifigear Ùghdarras a' Chlò Hearaich, Lorna NicAmhlaigh, gur e aithne chudromach a tha seo dha breabadairean, luchd-obrach nam muilnean agus an fheadhainn a tha a' dealbh agus a' dèanamh ghnothaichean leis a' chlò.
Chaidh measadh a dhèanamh air tagradh an ùghdarrais le panal de dh'eòlaichean ciùird neo-eisimileach agus le Bòrd Ciùird na Cruinne.
'S e na h-Eileanan Siar a' chiad sgìre ann am Breatainn air an deach an tiotal seo a bhuileachadh, agus an dàrna h-àite air feadh na Roinn Eòrpa.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh