McManus a' dol gu County

  • Air fhoillseachadh
Declan McManusTùs an deilbh, Ross County

Dh'innis Ross County gu bheil iad air Declan McManus a thoirt dhan chlub bho Dhùn Phàrlain.

Thòisich an cluicheadair aghaidh, 23, le Obar Dheathain.

Bhon uairsin tha e air cluich 'son Alloa, Morton, Fleetwood Town is Raith Rovers mus deach e gu Dùn Phàrlain an-uiridh.

Chuir e 13 tadhail dha na Pars air an t-seusan seo chaidh.

"Tha sinn air a bhith a' cumail sùil air Declan bho chionn ùine", thuirt co-mhanaidsear Chounty, Steafan Fearghasdan.

"Tha e luath is làidir is bheir e rudeigin diofraichte dhuinn suas aig an aghaidh.

Neart

"Tha e òg is tha e 'son cluich sa Phrìomh Lìog is 's e sin an seòrsa duine a tha sinn ag iarraidh", thuirt e.

Tha Caley Thistle cuideachd air an sguad aca a neartachadh.

Dh'innis iad Diciadain gu bheil iad air cùmhnant 2 bhliadhna aontachadh le Jordan White.

Tha White, a tha 26 is a tha cuideachd a' cluich aig an aghaidh, air cluich 'son sreath de sgiobaidhean ann an Alba is bha e mu dheireadh còmhla ri Barrow.

Thuirt ICT gun cuir White ris na roghainnean a th' aca aig an aghaidh.

Cha bhi Connor Bell am measg nan roghainnean sin is esan air Inbhir Nis fhàgail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh