Càirdeas eaglaise ag atharrachadh
- Air fhoillseachadh

Tha Àrd-Sheanadh Eaglais Chlèireach na h-Èireann a' dol air adhart ann am Béal Feirste.
Bhòt Eaglais Chlèireach na h-Èireann gus an càirdeas a th' aca le Eaglais na h-Alba atharrachadh.
Bha riochdairean Eaglais na h-Alba, Modaràtair na h-Eaglaise an t-Urr. Susan NicIlleDhuinn nam measg, ann am Béal Feirste is dùil aca a bhith an làthair aig Àrd-Sheanadh Eaglais Chlèireach na h-Èireann.
Tha iad a-nise air tilleadh a dh'Alba.
Bhòt Eaglais Chlèireach na h-Èireann 255 gus 171 gus an cuireadh a tha riochdairean Eaglais na h-Alba a' faighinn dhan àrd-sheanadh aca a tharraing, is nach gabh iad fhèin tuilleadh ri cuireadh a dhol gu Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba.
Tha seo fìor cuideachd a thaobh a' chàirdeis eadar Eaglais Chlèireach na h-Èireann is an Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte.
Co-obrachadh
Aig an aon àm, ghabh Eaglais Chlèireach na h-Èireann ri gluasad eile gum bu chòir dhaibh co-obrachadh, no beachdachadh air co-obrachadh, ri Eaglais na h-Alba ann an suidheachaidhean far am biodh buannachd ann dhan dà eaglais.
"Dha mòran an seo air gach taobh den deasbad, 's e là rudeigin tùrsach a bha seo", thuirt Clàrc Àrd-Sheanadh Eaglais Chlèireach na h-Èireann, Trevor Gribben.
"Bhiodh e fìor a ràdh gur e ceum cudromach a tha seo a thaobh a' chàirdeis eachdraidheil a th' air a bhith againn le Eaglais na h-Alba gu sònraichte.
"Tha e cudromach cuideachd oir sheall e gu bheil a' mhòr-chuid de bhuill an Àrd-Sheanaidh den bheachd gu bheil Eaglais na h-Alba is an Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte air gluasad fada bhon fhìrinn a thaobh pòsaidh, is gu bheil iad ann an da-rìribh a' dol an aghaidh an sgriobtair.
"Tha an eaglais againn glè shoilleir gur ann eadar fireannach is boireannach a tha pòsadh is gur e sin facal Dhè", thuirt Mgr Gribben.
Tàmailt
Thuirt e cuideachd gun robh feadhainn ann an Eaglais Chlèireach na h-Èireann den bheachd nach bu chòir na càirdeasan ri Eaglais na h-Alba is an Eaglais Ath-Leasaichte Aontaichte atharrachadh, is gun robh an co-dhùnadh na bhriseadh-dùil dhaibhsan.
Bha an t-Urr. Seòras Whyte na phàirt den bhuidhinn bho Eaglais na h-Alba a bha an dùil a dhol gu Àrd-Sheanadh Eaglais Chlèireach na h-Èireann.
Thuirt esan gur e briseadh-dùil a bha seo dhaibh ach nach robh e den bheachd gur e seo deireadh a' chàirdeis eadar an dà bhuidhinn.
Chuala Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire air a' mhìos seo chaidh gu bheil iad a' neartachadh an ceanglaichean le Eaglais Chlèireach na h-Èireann, is gu bheil an Eaglais Shaor air am misneachadh leis an t-slighe a tha Eaglais Chlèireach na h-Èireann a' gabhail.
Ghabh an t-Àrd-Sheanadh ri gluasad gus dùrachd a chur gu Eaglais Chlèireach na h-Èireann, is gu bheil iad a' dèanamh fiughair ri a bhith ag obair còmhla riutha anns na bliadhnaidhean ri tighinn.