Cion siognail fòn-làimhe aig muinntir Ùige

  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir Ùige ann an Leòdhas air a bhith gun siognal fòn-làimhe airson cha mhòr mìos a-nis.

'S e EE an aon chompanaidh a tha a' toirt seachad seirbheis san sgìre agus tha grunn dhuilgheadasan air a bhith ann bho thòisich obair air na cruinn airson 4G a thabhainn.

Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Tormod Dòmhnallach, gu bheil daoine air an sàrachadh, 's gun fios aca cuin a thig fuasgladh air an t-suidheachadh.

Tha e nas miosa buileach, thuirt e, seach gu bheil e air tachairt aig àm nuair a tha tòrr luchd-turais anns an sgìre.

"Tha e a' toirt buaidh gach cuid air luchd-turais - mas e 's gu bheil iad a' faicinn gur e sgìre a tha seo nach eil tarraingeach 's nach eil e comasach dhaibh bruidhinn air fòn-làimhe, seachnaidh iad e agus thèid iad àiteigin eile."

Tha dragh mòr air cuideachd mu na thachradh nam biodh cùis èiginn ann, 's nach biodh e comasach do dhuine fios a chur air na seirbheisean èiginn le fòn-làimhe.

Thuirt labhraiche do EE gu bheileas ag obair air na duilgheadasan siognail ann an Sgìr' Ùige a chàradh 's gu bheileas a' tuigsinn gu bheil daoine sàraichte mun chùis.

Thuirt iad gu bheil iad dol a bhruidhinn ri luchd-cleachdaidh mu airgead a thilleadh chun nan cunntasan aca ri linn an troimh-chèile.

Bu chòir do neach sam bith ris nach bruidhinn iad gu dìreach, thuirt iad, fios a chur thuca.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh