Cothrom airson UGC sa Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh
Tha MG ALBA a' sireadh thagraidhean bho bhuidhnean neo daoine air an ceann fhèin a chlàras piosan Gàidhlig airson an cur air-loidhne.
Tha iad ag iarraidh UGC, neo user-generated content, a bhrosnachadh, airson a' Ghàidhlig a dhèanamh nas fhaicsinniche air leithid na meadhanan sòisealta.
Bidh cùmhnant, luach £10,000, ga thabhann airson sia mìosan do dhaoine a ghabhadh an obair seo os làimhe.
Tachartasan coimhearsnachd
Thuirt Stiùiriche Ro-innleachd agus Co-bhanntachd MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt, gu bheil iad ag iarraidh togail air rudan a tha a' tachairt ann an coimhearsnachdan, leithid farpaisean neo làithean spòrs, far am bi Gàidhlig ga bruidhinn.
"Tha sin fhèin toirt air daoine eile faicinn - seall iad sin, misneachail, a' cleachdadh na Gàidhlig - nì mi fhìn rudeigin".
"Tha sinn a' feuchainn ri atharrachadh a thoirt ann an cultar, mean air mhean".
'S e dùbhlan a th' ann dha buidhnean-craolaidh air feadh an t-saoghail, thuirt i, gu bheil na meadhanan sòisealta air gabhail thairis gu ìre bhon na meadhanan traidiseanta.
"Tha sinn ag obair gu math cruaidh a' feuchainn ri barrachd stuthan goirid a dhèanamh, mar eisimpleir air Facebook 's Twitter, 's tha sinn gu bhith a' feuchainn ri barrachd a dhèanamh thar nam mìosan ri teachd 'son togail air a' bhun-stèidh sin. Tha sinn a' faicinn mìltean de "views" air na stuthan goirid a tha sin agus tha sinn ag iarraidh togail air an sin gus a bheil e a' cur ri BBC ALBA agus gus am bi daoine - gu seachd àraid daoine òga le Gàidhlig - a' faicinn stuthan Gàidhlig a tha a' bruidhinn riutha-san"