Cobhair air fear-iomraidh Albannach

  • Air fhoillseachadh
Iomairt-teasairginnTùs an deilbh, US Coast guard

Tha maoir-chladaich nan Stàitean Aonaichte air cobhair a dhèanamh air Albannach a tha an-dràsta a' feuchainn ri iomradh tarsainn a' Chuain Shiar.

Bha Niall Iain Dòmhnallach feumach air cuideachadh mu 500 mìle far chosta an ear Ameireagaidh.

Bhris falmadair a' bhàta aige ann an droch mhuir agus cha b' urrainn dha fhèin a chàradh.

Ach chaidh aig oifigearan nam maor-chladaich air a chàradh agus chaidh aige air cumail a' dol.

Dh'fhalbh Mgr Dòmhnallach à Virginia agus tha e ag amas air Steòrnabhagh ann an Leòdhas ann an iomairt air a bheil NY2SY.

Thuirt e gu robh e gu mòr an eisimeil nam maor-cladaich airson na rinn iad dhà agus nach pàigheadh taing iad.

Loch an Inbhir

Diluain, rinn luchd-teasargain cobhair air Donnchadh Hutchison à Loch an Inbhir agus e ann an stoirm far New Jersey.

Chaill Mgr Hutchison am bàta aige, a thog e fhèin.

Thàinig am bàta air tìr bhon uairsin ann am Maryland.

Tha Mgr Hutchison an dòchas oidhirp às ùr a dhèanamh iomradh dhachaigh às na Stàitean.