Naidheachdan 11:00m

Brexit

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Boris Johnson, gu bheil e tàmailteach gun deach a chlàradh a' cur teagamh ann an còmhraidhean Brexit. Thuirt Mgr Johnson, aig cruinneachadh prìobhaideach a' bhon raoir, gu bheil na còmhraidhean faisg air tuiteam às a' chèile agus gu bheil cunnart ann nach fhaigh luchd-taic Brexit an t-aonta a tha iad ag iarraidh. Anns a' chlàradh, air an d'fhuair BuzzFeed News sealbh, thuirt e gur dòcha gum biodh an Ceann-suidhe Trump nas fheàrr os cionn nan còmhraidhean.

Dhiùlt Theresa May gealltainn gun tig am plana cusbainn, backstop, mura biodh plan eile ann, gu ceann ro dheireadh na Dùbhlachd ann an 2021. Sin an ceann-ùine air an d'fhuair Rùnaire Brexit, Dàibhidh Davis, gealltanas agus aithrisean gu robh esan a' maoidheadh a dhreuchd fhàgail mun chùis.

SNP

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba gu bheil i an dòchas gun èist Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ri Holyrood mus bi a' bhòt mu dheireadh ann air a' Bhile 'son Falbh às an Aonadh Eòrpach. Thuirt Nicola Sturgeon gur e briseadh-dùil a bhiodh ann nan deadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air adhart le eileamaid fèin-riaghlaidh a' Bhile gun taic Phàrlamaid na h-Alba. Bha ise a' bruidhinn aig co-labhairt an SNP a tha a' tòiseachadh ann an Obar Dheathain an-diugh. Agus chaidh ainmeachadh an sin cuideachd gur e Rùnaire na h-Eaconomaidh Keith Brown leas-cheannard ùr an SNP.

BT

Bidh àrd-oifigeach BT, Gavin Patterson, a' fàgail a dhreuchd ro dheireadh na bliadhna. Leig BT fhaicinn air a' mhìos seo chaidh gu bheil iad a' faighinn cuidhteas trì deug mìle cosnadh agus thuirt iad an-diugh gu bheil an t-àm ann stiùireadh na buidhne atharrachadh.

Taser

Bidh oifigearan poilis sna h-Eileanan Siar a' giùlain uidheaman taser 'son a' chiad uair agus dragh ann gu bheil ionnsaigh air polais a' sìor fhàs bitheanta. Bha cha mhòr an treas cuid a bharrachd ionnsaighean ann air polais an-uiridh seach a' bhon uiridh agus 's e ionnsaigh le sgithinn a bh' anns na h-uimhir dhiubh sin. Tha Poileas Alba a' trèanadh còig ceud oifigear 'son taser a chleachdadh.

EIS

Tha co-labhairt aonadh nan tidsear, an EIS, ann an Dun Dè a' deasbad dè nì iad mura faigh iad an t-àrdachadh pàighidh aig 10% a tha iad ag iarraidh. Tha sin còrr 's a thrì uimhir na tha na h-ùghdarrasan ionadail a' tabhann orra.