Còmhraidhean a' fàiligeadh aig Comhairle Mhoireibh
- Air fhoillseachadh

Tha dùil a-nis gur e buill SNP a bhios a' riaghladh na Comhairle, le beag-chuid
Dh'fhailich air comhairlichean Tòraidheach ann am Moireibh co-bhanntachd a ruighinn a bha ag amas air an SNP a chumail a-mach à cumhachd.
Bha a' Chomhairle air a ruith le co-bhanntachd eadar na Tòraidhean agus na Neo-eisimeilich gus an do tharraing a' chuid bu mhotha den na buill Thòraidheach a-mach às bho chionn cola-deug.
Nì an SNP oidhirp air stiùir na Comhairle a ghabhail, le beag-chuid, aig coinneimh Diciadain.
Tha dùil a-nis gur e sin as coltaiche tachairt.
Thuirt an fheadhainn a tharraing a-mach às a' cho-bhanntachd gur e bliadhnaichean de ghearraidhean ann am maoineachadh na Comhairle a thug orra an ceum sin a ghabhail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An t-Ògmhios 2018

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh