Feansaichean àrd a dhìth ma thig madaidhean-allaidh
- Air fhoillseachadh

Tha an t-uachdaran Pòl Lister airson madaidhean-allaidh a leigeil ma sgaoil air an oighreachd aige
Tha luchd-rannsachaidh aig Oilthigh Sussex ag ràdh gum feumaiste feansaichean àrd a thogail ma thèid madaidhean-allaidh a thoirt a-steach a dh'Alba.
Tha an t-uachdaran agus fear-glèidhteachais Pòl Lister air a bhith a' strì bho chionn fhada airson madaidhean-allaidh a stèidheachadh às ùr air Oighreachd Aladail ann an Cataibh.
Tha luchd-rannsachaidh ag ràdh gum biodh feum air feansaichean àrda airson na beathaichean a chumail air falbh bho dhaoine, agus cuideachd a chum am maith fhèin.
Dh'fhaodadh feansaichean àrda bacadh a chur air luchd-coiseachd ge-tà, agus a dhol an aghaidh choirichean dhaoine a bhith a' coiseachd far a thogras iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An Giblean 2018

- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2013
