Fearann an làmhan coimhearsnachd Chatach
- Air fhoillseachadh

Tha 3,000 acair de thalamh faisg air Bun Ilidh ann an Cataibh a-nis ann an làmhan na coimhearsnachd.
Cheannaich Oighreachd Iomairt Choimhearsnachd Gharbh Allt am fearann bho Oighreachdan Chataibh.
Tha sealbh aca a-nis air bailtean Marrel, Port Gower, Bun Ilidh an Iar, agus Gartaidh Mòr agus an talamh ionaltraidh a tha nan cois.
Chosg e £250,000 a cheannach agus fhuair a' choimhearsnachd taic bho leithid Stòras Fearann na h-Alba, stòras coimhearsnachd SSE agus Com-pàirteachas Beatrice a tha air cùl tuath gaoithe mòr ann an Linne Mhoireibh.
Tha a' bhuidheann choimhearsnachd a' beachdachadh taighean ùra a thogail agus pìosan den talamh ath-fhiadhachadh.
Chaidh Oighreachdan Chataibh gu na comataidhean ionaltraidh a dh'innse dhaibh gu robh iad an dùil an talamh a reic.
Tha dà bhliadhna bhon uairsin agus bho thòisich iomairt na coimhearsnachd an talamh a ghabhail os làimh.