Moladh cead a dhiùltadh do chùrsa goilf ùr
- Air fhoillseachadh

Chaidh iarraidh 'son an dàrna turas air comhairlichean Gàidhealach cead a dhiùltadh do chùrsa golf ùr 'sa Chùil faisg air Eurabol ann an Cataibh.
Bhiodh pàirt den chùrsa air làraich ghlèidhte SSSI agus tha oifigearan dealbachaidh ag ràdh gun toireadh e droch bhuaidh air an àrainneachd.
Bidh comhairlichean, a sheachainn co-dhùnadh na bu tràithe air a' mhìos seo, a' beachdachadh air a' phlana a-rithist an ath-sheachdain.
Ann an aithisg airson coinneamh shònraichte de Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath, tha oifigearan dealbhachaidh ag ràdh nach eil am fiosrachadh ùr a chaidh a chur air adhart ag atharrachadh a' mholaidh aca cead a dhiùltadh.