Amharas mu mhealladh an Linne Mhoireibh

  • Air fhoillseachadh
Iomairt

Dh'fhaodadh gur ann a' feuchainn ri daoine a mhealladh a bha an fheadhainn a rinn gairm èiginneach ann an Linne Mhoireibh oidhche Luain.

Chaidh fios a chur air an seirbhisean èiginn mu 6f Diluain nuair a chaidh aithris gun robh triùir an dùil cùl a chur ris a' bhàta aca.

Bha tri bàtaichean teasairginn, heileacoptair maor-cladaich agus bàtaichean iasgaich an sàs san iomairt ach cha deach càil a lorg.

Gun choltas sam bith ann gun robh bàta ann an cunnart, chaidh stad a chur air an iomairt mu 10.30f.

Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-cladaich nach tòisicheadh an iomairt às ùr mura tigeadh fiosrachadh ùr dhan fhollais.

Cha deach fios a chur air na seirbhisean èiginn gun robh duine a dhìth.

Cha robh e soillear dè seòrsa soitheach a bha a rèir aithris ann an cunnart, ach 's e Silver Tide ainm a' bhàta a chaidh a thoirt seachad san gairm èiginneach.