Niall Iain a' faighinn a steach gu Canada

  • Air fhoillseachadh
Niall Iain Dòmhnallach

Fhuair an craoladair Niall Iain Dòmhnallach cead a dhol a steach gu Canada agus tha e a nise air a' bhata-bathair a rinn cobhair fhàgail.

Thug Mgr Dòmhnallach taing do Bhuidheann Crìochan Chanada air an làrach-lìn shoisealta Twitter airson an taic a thug iad dha.

Bha e air tagradh a dhèanamh do Phrìomhaire Chanada diardaoin 's e a' sireadh taic airson faighinn dhachaigh.

Thàinig iomairt Mhgr Dhòmhnallaich iomradh tarsaing a' Chuan Shiar gu ceann an t-seachdainn a chaidh nuair a thàinig air am bàta aige fhàgail ann an droch fhairge.

Cobhair

Rinn am bàta-bathair Duitseach, an MV Dolfijngracht, cobhair air agus tha i sin a-nis air Quebec, Canada, a ruighinn.

Bha dragh air a' chraoladair gun cuireadh an suidheachadh aigesan, bacadh air criutha an MV Dolfijngracht, ach chaidh cùisean a' rèiteach dihaoine.

Treas oidhirp

B' e seo an treas oidhirp agus an oidhirp mu dheireadh aig Mgr Dòmhnallach, aois 44, iomradh leis fhèin eadar na Stàitean Aonaichte agus Alba.

Bha e air a dhol cairteal dhan t-slighe nuair a rinn suail milleadh air a' bhàta aige.

Fhuair e air fios a chur gu Maoir-chladaich na Rìoghachd Aonaichte agus sgaoil iadsan brath gu soithichean a bha faisg air làimh.

Às deidh mu dhà uair a thìde air rath-sàbhalaidh fhuair am bàta Dhuitsich thuige agus fhuair e air bòrd.