Geam mòr am Port Rìgh

  • Air fhoillseachadh
Pàirc nan LaochTùs an deilbh, Dave Fergusson / Geograph

Tha dùil ri sluagh mòr am Port Rìgh Disathairne is Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' cur fàilte air na nàbaidhean aca, Ceann Loch Seile.

'S e an sgioba aig a' mhullach an aghaidh na tè aig a' bhonn a tha seo, is Seile cuideachd air a' chùis air na Sgitheanaich 5-2 sa Chlachan Aillseach mar-thà.

Tha cruaidh fheum aig sgioba Iain 'Spod' MhicLeòid air ruideigin an seo is iad a-nise 5 puingean air cùl Loch Abair a tha san 8mh àite.

Bidh iad an dòchas gum bi Ceann Loch Seile rudeigin troimhe-chèile às dèidh dhaibh call ri Baile Ùr an t-Slèibh sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais an t-seachdain seo chaidh.

Leasan

Bha gu leòr den bheachd gum faigheadh Seile an làmhan air a' chupa 'son a' chiad uair, ach abair gun do sheall am Baile Ùr gu bheil spionnadh gu leòr air fhàgail annta.

Thuirt manaidsear Sheile, Johnston Gill, às dèidh a' gheama gun tig iad a-mach às nas glice is nas làidire.

Bidh an sgioba aige airson sealltainn ann am Port Rìgh gu bheil iad ag ionnsachadh gu sgiobalta.

Bidh Baile Ùr an t-Slèibh fhèin ann an sunnd às dèidh dhaibh an cupa a thogail is iad a' dol a Dhrochaid an Aonachain sa Phrìomh Lìog Disathairne.

Bidh spionnadh ann an Loch Abar fhèin ge-tà, às dèidh dhaibhsan an ceòl a chur air feadh na fidhle le buaidh 4-3 an aghaidh Lòbhait an Cill Taraglain an t-seachdain seo chaidh.

An LìogTùs an deilbh, Donald Pollock

Tha sin a' fàgail nach urrainn Lòbhat mòran a bharrachd a leigeil às ma tha cothrom gu bhith aca air an tiotail, is bidh iad an aghaidh sgioba eile san dearbh shuidheachadh Disathairne, Caol Bhòid.

Bidh an geama sin ann an Srath Chura leis nach eil pàirc Chaoil Bhòid ann an Taigh na Bruaich aig ìre fhathast.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog, cuiridh Camanachd an Òbain fàilte air Gleann Urchadain.

Tha aon gheama ann an Cupa na Camanachd cuideachd is Ceann a' Ghiuthsaich is Cabair Fèidh gus strì 'son an àite mu dheireadh sa chairteal chuairt dheireannaich.

Duais

'S e seo an dàrna oidhirp aca an gnothach a rèiteach is iad co-ionnan 1-1 an Srath Pheofhair sa chiad gheama.

Bidh an sgioba a nì a' chùis an turas seo an aghaidh a' Ghearasdain san ath chuairt.

Am measg nan geamaichean eile a bhios ann Disathairne, bidh Camanachd Leòdhais an aghaidh Loch Abair an Lìog Tuath 2.

Às dèidh dhaibh a dhol ceithir geamaichean gun chall 'son a' chiad uair ann an eachdraidh a' chluba, bha buille ann dha na Leòdhasaich an t-seachdain seo chaidh is Loch Carran a' soirbheachadh 5-2 an Siabost.

Bidh Leòdhas airson faighinn air ais air an t-slighe cheart an seo.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh