Fear an grèim às dèidh maoidheadh bàis
- Air fhoillseachadh

Chuirear fear, aois 47, an grèim às deidh mar a chaidh maoidheadh bàis a dhèanamh air ceannard Dhualchas Nàdair na h-Alba, Mike Cantlay.
Thug na poilis rabhadh oifigeil do neach ann an Lancashire.
'S ann às deidh don bhuidhinn ghlèidhteachais cead a thoirt airson fithich a spadadh ann an Srath Fhreamhainn an Siorrachd Pheairt, a chaidh maoideadh air a' chathraiche, Mike Cantlay.
Thuirt SNH gun robh an cead spadaidh deatamach airson eòin ghrunnachaidh a dhìon.
Tha am plana gu math connspaideach, ge-ta, 's thug e air a' chraoladair, Chris Packham, bho Springwatch air a' BhBC iarraidh air an luchd-leantainn aige air na meadhanan sòisealta puist-d a chur gu Mgr Cantlay.
Ana-cainnt
Thuirt Mgr Packham gu robh an "droch cho-dhunadh millteach" air cliù SNH fhàgail ann an "ribeagan fuilteach".
Ach, às dèidh do na maoidhidhean bàis thighinn am follais, dh'iarr Mgr Packham gun sguireadh an ana-cainnt.
Chuir Poileas Alba fiosrachadh gu na poilis ann an Lancashire a dhearbh gun robh iad air rabhadh mu shàrachadh a thoirt do dh'fhireanach ann am Preston.
Thuirt SNH nach robh Mgr Cantlay a' faireachdainn gun robh còir aige beachd a thoirt, ach gun robh dragh air a bhith air fhèin 's air a theaghlach .
Thuirt e gun robh e toilichte gun robh na poilis air neach a chur an grèim.