Fios ga shireadh mu mhèirle an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Tha poilis ann an Inbhir Nis a' sireadh fiosrachaidh mu mhèirle aig dachaigh seann bhoireannaich sa bhaile.
Ghoid fireannach na ceudan notaichean bhon bhoireannach a tha còrr is 90 bliadhna de dh'aois.
Fhuair an duine a-steach am broinn dachaigh a' bhoireannaich air Rathad an Talchain ann an Inbhir Nis eadar 6:00f agus 6:30f Diardaoin.
Tha am fireannach mu chòig troighean agus ochd òirlich de dh'àirde, agus eadar 50-60 bliadhna de dh'aois.
Tha falt dorcha air agus bha briogais denim dhorcha agus geansaidh dorcha air.
Thuirt an t-Insp. Ailig Siosalach gur e eucoir uabhasach a bha seo an aghaidh seann bhoireannaich so-leònte.
"Chan urrainnear gabhail ris an dol a-mach seo agus tha an rannsachadh againn a' leantainn gus faighinn a-mach cò an duine a bha seo.
"Tha mi a' cur ìmpidh air duine sam bith a chunnaic am fireannach, neo càil sam bith amharasach san sgìre Diardaoin, fios a chur thugainn cho luath 's a ghabhas," thuirt e.
Ma tha fiosrachadh aig duine sam bith faodar fònadh gu Poileas Alba air 101 a' cleachdadh àireamh NN7499/18 neo fònadh gu Crimestoppers air 0800 555 111.