Droch thubaist air an A835
- Air fhoillseachadh

A835
Chaidh fireannaich aois 21 a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist air an A835 faisg air Gairbh.
Thachair an tubaist eadar càr gorm Volkswagen Bora agus bhan gheal Peugeot Boxer mìle an iar air Tairbhidh mu 1825 Là na Sàbainn.
Tha an duine, a bha a' dràibheadh a' chàir, air a bhith a' faighinn leigheis ann an Ospdal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis.
Chaidh boireannach, a bha cuideachd a' siubhal sa chàr, a thoirt dhan ospadal ach fhuair i às nas anmoiche.
Cha robh feum aig dràibhear a' bhana air leigheas ospadail.
Chaidh an rathad a dhùnadh airson obair sgrùdaidh nam poileas. Chaidh an rathad fhosgladh a-rithist mu 0230 Diluain.
Tha Poilis Alba ag iarraidh fiosrachaidh mun tubaist.
Dh'iarr iad air duine sam bith a chunnaic na thachair fios a chuir thuca cho luath sa ghabhas.