''Thoiribh piseach air cùram do sheann-daoine''

  • Air fhoillseachadh
Ospadal an Ràthaig mhòirTùs an deilbh, BBC
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh iarraidh air Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd piseach a thoirt air cùram do sheann daoine aig Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Chaidh iarraidh air Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd cùram do sheann daoine a leasachadh.

Tha an naidheachd a' tighinn agus Buidheann Slàinte na h-Alba a' dèanamh sgrùdaidh air dòighean-obrach na buidhne aig Ospadal an Ràthaig Mhòir am baile Inbhir Nis.

Bha luchd-sgrùdaidh ann an iomadach uàrd - Uàrd 2A anns a bheil euslaintich air an tàinig stròc; Uàrd 2C far a bheil seann daoine; Uàrd 3A ortopàideach agus Uàrd 6A far a bheil measaidhean meidigeach air an dèanamh.

Bha iad cuideachd ann an roinn Tubaiste agus Èiginn.

Fhuair iad gun robh mòran sheirbheisean san ospadal aig àrd-ìre.

Ach dh'innis iad nach robh planaichean cùraim aig mòran euslainteach a bha ag innse ann an da-rìribh dè an cùram a bha a dhìth orra.

Uile gu lèir, tha sia molaidhean aca dhan bhòrd-shlàinte.

Thuirt fear-labhairt a' bhùird gu bheil an aithisg na briseadh-dùil dhaibh, ach gu bheil iad ag obair gus rudan a chur an gnìomh ann an ùine nach bi fada a bheir piseach air a' chùram a tha seann daoine a' faotainn.