Warren a' fàgail Chaley Thistle
- Air fhoillseachadh

Chluich Gary Warren còrr 's 200 geama do Chaley Thistle.
Fàgaidh sgiobair Chaley Thistle Inbhir Nis, Gary Warren, an cluba an dèidh dha fhèin agus ICT a thighinn gu aonta dealachaidh.
Thuirt Caley Thistle gu bheil bliadhna air fhàgail aig Warren, 33, aig a' chluba, ach gun deach cur às dhan chùmhnant gus leigeil leis ''sgioba ùr a lorg''.
'S ann an 2012 a ghluais Warren bho Newport County.
Chluich e dhaibh còrr 's 200 trup agus e a' cluich dhaibh nuair a bhuannaich iad Cupa Dùbhlan na h-Alba air an t-seusan a chaidh seachad.
Ghluais Aonghas Beith, Seumas McCart, Shaun Rooney, Tòmas Walsh agus Jordan MacIlleBhàin dhan chluba air an t-samhradh seo.