Naidheachdan 11:00m
Thuirt Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, gur e dùbhlan le in-imreachd an rud as motha 's dòcha a bheir buaidh air slighe na h-Eòrpa. Thuirt Ms Merkel, ann am Pàrlamaid na Gearmailt ro àrd-choinneimh an Aonaidh Eòrpaich anns a' Bhruiseil, gu bheil iad uile ag aontachadh gum feum in-imreachd mhì-laghail stad. Tha làn-dùil gum bi in-imreachd agus Brexit gu mòr anns na còmhraidhean anns a' Bhruiseil, le rabhadh bho Èirinn do Theresa May nach eil mòran ùine ann airson aonta leis an EU.
'S tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ag iarraidh an dàrna referendum air neo-eisimeileachd, seach bhòt air aonta deireannach Bhrexit. Thuirt ceannard an SNP ann an Westminster, Iain Blackford, gum feum roghainn a bhith ann airson bhòt air neo-eisimeileachd ma 's e Brexit cruaidh a bhios ann.
Tha dùil aig Loganair ri prothaid an ath-bhliadhna, ged a bha call faisg air £9m orra air a' bhliadhna ionmhais mu dheireadh. Tha a' chompanaidh, a tha a' ruith sheirbheisean adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a' cur coire gu ìre mhòir air farpais le Flybe air cuid de na seirbheisean an dèidh dhan aonta a bh' aca tighinn gu ceann.
Bha call de chòrr is £85m air a' chompanaidh shiubhail Stagecoach. Chaill Stagecoach cùmhnant Riaghaltas na h-Rìoghachd Aonaichte airson loidhne-rèile a' chosta an ear aig toiseach na mìos seo.
Tha teagamh ann mun phlana a th' aig Bòrd Slàinte nan Eilean Siar airson Uàrd a' Chliseim ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh a dhùnadh, agus cùram sheann daoine air a bheil dementia agus trioblaidean inntinn eile a ghluasad dhan choimhearsnachd. Tha an àireamh euslainteach san uàrd sin ag èirigh, agus chuala coinneamh a' bhùird an-dè gum bi e doirbh dhaibh an uàrd a dhùnadh ro dheireadh na bliadhna mar a bha dùil.
Tha ceud saighdear a' cur taic a-nise ris na feachdan smàlaidh a th' air a bhith a' strì airson ceithir là ri teine mòr air Mòinteach Saddleworth faisg air Manchester. Chaidh an 4mh Battalion aig Rèiseamaid Rìoghail na h-Alba a dhèanamh cobhair air an t-Seirbheis Smàlaidh a thuirt gun robh cuideachadh a dhìth orra.