Obair na Comraich dèante
- Air fhoillseachadh

Chaidh a dhearbhadh gu bheil obair air Bealach na Bà a-nise deiseil, trì seachdainean nas tràithe na bha dùil.
Bha seo mar phàirt de leasachadh aig an MOD air seirbheisean bann-leathainn aig ionad aca san sgìre.
Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle nas tràithe am-bliadhna nuair a thàinig e am bàrr gum biodh an rathad dùinte fad sia seachdainean tron Ghiblean agus an Cèitean gus an obair a dhèanamh.
Bha dragh air a' Chomraich mun bhuaidh air an àite.
Air a' cheann thall, dh'aontaich SSE, a bha os cionn na pròiseict, gun rachadh an obair a dhèanamh eadar 6:00f is 07:30m, Diluain gu Dihaoine, eadar an 11mh den Ògmhìos is an 20mh den Iuchar.
Tha an obair a-nise dèante, nas tràithe na bha dùil an toiseach.
Thuirt am BP Gàidhealach, Iain Blackford, gur e eisimpleir a tha seo air mar as urrainn do chompanaidhean èisteachd ris na coimhearsnachdan anns a bheil iad ag obair.
Tha an MOD ag ràdh gun tig piseach air a' bhann-leathann san sgìre mar phàirt den phròiseict.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt 2018
