Iomairt mhòr phoilis an Eilean Bhòid

  • Air fhoillseachadh
Poilis ann an Eilean Bhòid.

Tha Poileas Alba air rannsachadh mòr a thòiseachadh an Eilean Bhòid às dèidh mar a chaidh corp leanaibh a lorg air taobh sear an eilein.

Chaidh fios a chur air na poilis tràth Diluain gun robh Alesha NicPhàil, 6, a dhìth am Baile Bhòid.

Fhuaireadh corp nighinn bhig beagan uairean a thìde às dèidh sin ann an coille air làrach seann taigh-òsta sa bhaile.

Tha Poileas Alba a-nise air dearbhadh gur e corp Alesha a bh' ann.

Tha iad ag ràdh nach eil fios aig an ìre seo dè thug bàs dhan nighinn.

Thèid rannsachadh bàis a dhèanamh Dimàirt.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh mun chùis fios a chur orra.

Thuirt iad gu bheil e fìor chudromach gun tig a h-uile duine a bha a' sireadh Alesha NicPhàil às dèidh dhi a dhìth air adhart.

Tha iad cuideachd air oifigearan a bharrachd a chur dhan eilean.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh