Dòchas do Mhargaidh Sprèidh Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh

Tha cùisean nas dòchasaiche do Mhàrgaidh Sprèidh Leòdhais 's na Hearadh às dèidh coinneimh èiginn oidhche Luain.
Chaidh a' choinneamh a ghairm is gainnead dhaoine a bha deònach dreuchdan sa bhuidhinn a ghabhail os làimh.
Dh'fhàg sin cuid a' ceasnachadh am biodh e comasach fèilltean a bhith ann an Steòrnabhagh tuilleadh.
Nochd timcheall air 50 duine aig a' choinneimh èiginn is chaidh na dreuchdan a bha bàn a lìonadh.
"Bha coinneamh mhath dha-rìribh ann is fhuair sinn daoine airson na h-obraichean seo a dhèanamh", thuirt Ailig Dòmhnallach, a tha na bhall de chomataidh na margaidh.
Cuideachadh
"Leis a sin, thèid againn a-nise ri coimhead air adhart ri fèilltean a bhith againn a-rithist ann an Steòrnabhagh am-bliadhna", thuirt e.
Ach ged a 's e faochadh a bha sin, tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gu bheil feum fhathast air taic a bharrachd.
Bhiodh seo gu sònraichte feumail air là nam fèilltean.
"Chì thu an-còmhnaidh na h-aon daoine a tha a' dèanamh na h-obrach fad an t-siubhail.
"Tha iad a' dèanamh seo gun phàigheadh, a' gabhail là far na h-obrach, agus bhiodh e math nan rachadh againn air barrachd dhaoine fhaighinn airson nan daoine sin a chuideachadh air là nam fèilltean", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An t-Ògmhios 2018
