Rannsachadh muirt an Eilean Bhòid
- Air fhoillseachadh

Tha rannsachadh bàs na h-ighne bige Alesha NicPhàil an Eilean Bhòid a-nis air a dhol na rannsachadh muirt.
Chaidh corp Alesha, 6, a lorg Diluain ann an coille air làrach seann taigh-òsta air Rathad na h-Àirde Bige san eilean.
Bha i air a bhith a' fuireach còmhla ri seanmhair san eilean, ach chaidh fios air na Poilis mu 6.25m Diluain gun robh i a dhìth.
Chaidh rannsachaidh bàis a dhèanamh Dimàirt, is ged nach eil Poileas Alba ag ràdh dè thug bàs dhan nighinn, thuirt iad gur e rannsachadh muirt a tha seo a-nise.
Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh mun chùis fios a chur orra.
Tha iad gu sònraichte airson bruidhinn ri feadhainn a bha an lùib na h-iomairt gus Alesha a lorg tràth Diluain.
Thuirt iad cuideachd gum bu chòir do dhaoine a bha ann an sgìre Rathad na h-Àirde Bige anmoch Didòmhnaich no tràth Diluain a thighinn a bhruidhinn riutha.