£30m gus Seirbheis Slàinte Ghallaibh ùrachadh
- Air fhoillseachadh

Tha bòrd na slàinte a' moladh gum biodh seirbheisean slàinte Inbhir Theòrsa stèidhichte aig Ospadal Dùn Bharra.
Dh'fhaodadh gun cosg e suas ri £30m airson seirbheisean slàinte Ghallaibh ùrachadh, ar èir Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd.
As t-Fhoghar seo chàidh, bha mu 3,000 duine a' togail fianais air na sràidean agus dragh orra gun tigeadh lùghdachadh air an t-seirbheis slàinte ann an Gallaibh.
Bha dragh gum biodh na bu lugha de leapannan anns an sgìre agus Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd a' dèanamh ath-sgrùdaidh air an t-seirbheis.
Ach an dèidh grunn choinneamhan san sgìre, tha bòrd na slàinte a-niste a' cur air adhart mholaidhean.
Molaidhean a' bhùird shlàinte
Tha iad airson 's gum bi seirbheisean ri fhaotainn air dà làraich seach a ceithir, mar a tha an-dràsta.
Am measg eile, tha iad a' moladh gum bi seirbheisean slàinte ri fhaotainn ann an sgìre Phulteney de dh' Inbhir Ùige.
'S ann aig Ospadal Dùn Bharra a bhiodh seirbheisean slàinte Inbhir Theòrsa stèidhichte.
Thuirt Iain MacIlleathain, a tha a' fuireach ann an Inbhir Theòrsa, gum bi muinntir an àite riaraichte gu leòr le molaidhean a' bhùird shlàinte, ma tha iad ann an da-rìribh a' toirt seachad nan seirbheisean a tha a dhìth air daoine.
Thuirt Mgr MacIlleathain gum feum am bòrd slàinte dèanamh cinnteach nach cuir iad às do sheirbheisean.
Dh'innis e gum bi an sluagh toilichte cùram fhaighinn am baideigineach eile san t-siorrachd, ach nach eil agus nach biodh iad airson a dhol gu Inbhir Nis.
Thèid iarraidh air comataidh slàinte na sgìre taic a chur ris na planaichean Diardaoin.
Ma thachras sin, thèid co-luadar poblach a dhèanamh orra.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An t-Samhain 2016

- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2017
