Pàipear Geal air Iasgach às dèidh Bhrexit

Dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte pàipear geal air an iasgach às dèidh Bhrexit.

Tha e ag ràdh nach bi cuideaman ceadaichte nam pàirt de dh'aontaidhean malairt leis an EU, 's dragh air a bhith air iasgairean gu faodadh uisgeachan na Rìoghachd a chleachdadh mar bharganachadh an lùib aonta malairt nas fharsaing.

Tha iasgairean sna h-Eileanan Siar air failte a chur air a' phàipear gheal.