Teine faisg air Goillspidh
Tha criuthaichean-smàlaidh air taobh sear Chataibh fhathast a' dèiligeadh a-nochd le teine monaidh os cionn baile Ghoillspidh.
Thòisich an teine air an deireadh-sheachdainn, agus an-dè b'fheudar iarraidh air muinntir a' bhaile dorsan agus uinneagan nan taighean aca a chumail dùinte, le cho dona 's a bha a' cheò.
Chaidh am fear-naidheachd againn Iain MacAonghais dhan sgìre, a dh'fhaicinn dè mar a bha a' dol dhan iomairt-smàlaidh.