Boireannach air a faighinn marbh

  • Air fhoillseachadh
Seacaid Phoilis

Chaidh rannsachadh poilis a chur air dòigh às dèidh mar a chaidh boireannach, 32, fhaighinn marbh na dachaigh ann an Strath Spè.

Chaidh oifigearan chun an taighe ann am Obar Neithidh mu 10:30m Disathairne nuair a chaidh draghan a thogail mu deidhinn.

Thuirt neach-labhairt bho Phoileas Alba gu bheil an sgrùdadh aca a' leantainn agus gun tèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.