Fireannach air bàsachadh ann an Abhainn Dhùn Dòmhnaill
- Air fhoillseachadh
Dhearbh Poileas Alba gun do bhàsaich fireannach, 35, ann an Abhainn Dhùn Dòmhnaill Là na Sàbaid.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn beagan às dèidh 3:00f nuair a chaidh an duine fhaicinn a' dol dhan uisge.
Bha oifigearan poilis, sgioba-teasairginn nam beann, luchd-smàlaidh agus na Maoir-Chladaich uile an lùib na h-iomairt teasairginn.
Chaidh corp an dune a thoirt às an abhainn goirid às dèidh sin.
Chaidh fios a chur gu teaghlach an duine, agus chaidh aithris a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.