Naidheachdan 11:00m

Tha Boris Johnson fhathast a' cur an aghaidh iarrtasan gun tabhainn e leisgeul às dèidh dha coimeas a dhèanamh eadar boireannaich ann am burka agus "bocsaichean puist" no "mèirlich bhanca". Tha Theresa May am measg na th' air cur ìmpidh air. Tha cuid ga dhìon, ag ràdh gu bheil e a' seasamh mhodhan libearalach. Ach thuirt ro-Rùnaire nan Coimhearsnachdan, Eric Pickles, gun robh a bhriathran mì-iomchaidh. Tha cuid anns a' Phàrtaidh Thòraidheach airson 's gun tèid cuip a' phàrtaidh a thoirt bhuaithe.

Tha cuid ag iarraidh air na Poilis barrachd a dhèanamh mu dhol-a-mach mì-shòisealta às dèidh buairidh mhòir ann an Rinn Friù an Ear an-dè a dh'fhàg dithis dheugairean anns an ospadal. Chaidh aon bhalach a shàthadh le sgithinn, 's chaidh fear eile a leòn mu cheann às dèidh às dèidh sabaid aig pàirce ann an Clarkston. Tha dùil gun robh clann-sgoile air cruinneachadh às dèidh nan deuchainnean aca nuair a thug buidheann òigridh eile ionnsaigh orra. Tha fear de chomhairlichean neo-eisimeileach na sgìre, Dàibhidh Dòmhnallach, air sgrìobhadh gu Poileas Alba a' nochdadh dragh mu dheidhinn.

Tha am prìomh rathad tron Eilean Sgitheanach dùinte aig Sligeachan an-dràsta 's droch thubaist-rathaid air a bhith ann. Tha na Poilis ag ràdh gu bheil an rathad dùinte tuath air an taigh-òsta, agus gum faodadh e a bhith dùinte fad ùine fhathast.

Coinnichidh Comhairle nan Eilean Siar ri Minsitear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, an-diugh 's còmhraidhean a' leantainn mu Aonta Eileanach. Bhiodh e coltach ris na h-aontaidhean baile agus sgìreil a th' air airgead leasachaidh a thoirt a-steach do sgìrean eile mar thà. Tha a' Chomhairle mar thà air coinneachadh ris a' Mhorair Duncan bho Oifis na h-Alba mun chùis.

Chaidh fear a chaochail ann an Loch Sìldeig air taobh siar Rois an-dè ainmeachadh san sgìre mar Dhonnchadh MacMhathain, a bha na iasgaire mhuasgan-caola. Thugadh a-mach às an uisge e an-dè, ach bhàsaich e. Thuirt poilis gu bheil rannsachadh a' leantainn feuch dè thachair, ach nach eil iad den bheachd gu bheil càil amharasach ann.

Èirigh na cunntasan aig luchd-cleachdaidh Scottish Gas anns an Damhar ma tha iad air an ìre chaochlaideach choitcheann. Cuiridh àrdachadh 3.8% £44 ri cunntas bliadhnail àbhaisteach ma tha gas agus dealain a' tighinn bhon chompanaidh. Seo an dàrna àrdachadh am-bliadhna bhon chompanaidh. Tha Centrica, leis a bheil Scottish Gas, ag ràdh gu bheil iad diombach mun àrdachadh, ach nach eil dol-às aca agus prìsean na margaidh ag èirigh.

Tha Bunait Chridhe Bhreatainn a' feuchainn ri stòras fiosrachaidh a chruthachadh de càite a bheil a h-uile inneal defibrillator ann an Sasainn 's ann an Alba. Tha iad ag ràdh gun leigeadh sin le luchd-obrach 999 am poball a stiùireadh chun an fhir as fhaisge. Tha mòran àiteachan air innealan coimhearsnachd a stèidheachadh. Tha an carthannas ag ràdh gu bheil iad gan cleachdadh ann an nas lugha na 3% de chùisean grèim-cridhe a tha a' tachairt taobh a-muigh an ospadail.