Rannsachadh Stafa

  • Air fhoillseachadh
ÀrceòlaicheanTùs an deilbh, Urras Nàiseanta na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Àrceòlaichean ag obair an Stafa.

Fhuaireadh fianais shoilleir 'son a' chiad uair gun robh mac an duine an Stafa an Linn an Umha.

Tha Stafa aithnichte gu h-eadar-nàiseanta is an Uamh Bhinn ainmeil air buaidh a thoirt thar nan linntean air feadhainn mar Wordsworth is Mendelssohn, am measg eile.

Thuige seo ge-tà, 's e glè bheag de dh'fhiosrachadh a bh' ann mu àrceòlas an eilein.

Tha sin ag atharrachadh a-nise tro cho-bhanntachd eadar sgioba de dh'àrceolaichean is Urras Nàiseanta na h-Alba.

Tha Sgoil Ealain Ghlaschu is Oilthighean Ghlaschu is Shruighlea am measg na tha a' cur taic ris a' phròiseict.

Thòisich deuchainnean ann an 2016 is pìos beag bìodach de dh'obair-chrèadha ro-eachdraidheil air a lorg.

Tha rannsachadh air sealltainn gun tàinig eòrna a bha ri thaobh bho eadar 1880 is 1700 ro Chrìosta.

Dearbhadh

Tha na h-eòlaichean ag ràdh gur e dearbhadh a tha seo gun robh daoine an Stafa an Linn an Umha.

Tha cladhach air leantainn agus an t-seachdain seo chaidh, thugadh obair air trainnse nas motha am follais structar cinnteach.

"S e seo an còigeamh seusan againn an Stafa", thuirt Derek Alexander bho Urras Nàiseanta na h-Alba.

"Gach turas a tha sinn air rudeigin ùr fhaighinn a chuireas ris an dealbh mhòr.

"Tha an structar seo glè chudromach.

"S e an ath-cheum dearbhadh a bheil seo a' ciallachadh gun robh daoine a' fuireach san eilean an Linn an Umha, no an e àite naomh no rudeigin den leithid a bha seo", thuirt e.

Thèid fiosrachadh mun obair a sgaoileadh aig co-labhairtean àrceòlais am Breatainn is sa Ghearmaillt an ath-mhìos.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh