"Dà aiseag a dhìth air slighe Steòrnabhaigh"
- Air fhoillseachadh

Bha iarrtas ann mus tàinig an Loch Seaforth gun deadh dà aiseag nas lugha a chur air an t-slighe
Tha Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag ràdh gu bheil e ag aontachadh gu bheil dà aiseag a dhìth air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.
Bha Mgr Allan a' bruidhinn 's troimh-chèile mhòr air a bhith air an t-slighe an t-seachdainn seo às dèidh mar a chaill an Loch Seaforth cumhachd ann am meadhan a' Chuain Sgith Diciadain.
Chaidh e às àicheadh ge-tà nach robh an Riaghaltas air èisteachd nuair a chaidh an t-iarrtas sin a dhèanamh mus tàinig an Loch Seaforth.
Thuirt e gu bheil feum air an dàrna aiseag - gu h-àraidh as t-Samhradh - ach gur e a' cheist a th' ann a-nis cò às am faigh iad aiseag eile.
"Tha mise a' dèanamh na h-argamaid gu bheil am feum sin ann as t-Samhradh agus feumaidh sinn a chur ceart".
"An t-seirbheis a th' ann eadar Steòrnabhagh agus Ulapul - agus tha sin fìor mu sheirbheis neo dhà eile - cho làn an-dràsta as t-Samhradh nach eil rùm sam bith ann airson mearachd neo airson rud sam bith a dhol ceàrr".
Tha an Loch Seaforth fhathast a' ruith ri clàr-ama eadar-dhealaichte às dèidh na thachair dhith meadhan na seachdainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An Lùnastal 2018
