Naidheachdan 11:00m
House of Fraser
Tha a' chompanaidh Sports Direct air aontachadh buidhean bhùithtean House of Fraser a cheannach. Chaidh innse nas tràithe den mhadainn gun robh House of Fraser air a dhol fo rianachd. Ach tha Sports Direct air innse bhon uairsin gun ceannaich iadsan a h-uile bud den ghnìomhachas air ceithir fichead 's a deich millean not. Bha 11% de House of Fraser mu thràth aig Mike Ashley, dham buin Sports Direct.
Eaconomaidh
Tha figearan oifigeil a' dèanamh dheth an-diugh gun do dh'fhàs eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte 0.4% sna trì mìosan gu deireadh na Òg-mhìos. Tha sin a dhà uidhear an ìre fàis a bh' ann sna trì mìosan ron a sin.
CBI
Tha a' bhuidhean ghnìomhachais, an CBI, air iarraidh air an Riaghaltas cur às do shiostam nan targaidean airson in-imreachas, às dèidh Brexit. Tha iad ag iarraidh gun coimhead ministearan an àite sin air a bhith a' dèanamh cìnnteach gun cur daoine a thig dhan dùthaich, ris an eaconomaidh. Thuirt an Riaghaltas gum mìnich iad na planaichean aca air a' chùis, fhathast.
Eucoirean feise
Thèid còrr air millean not a bharrachd a thoirt do chùirtean 's luchd-casaid na h-Alba gus an cuideachadh dèiligeadh ri cùisean eucoir feise. Tha Riaghaltas na h-Alba an-dòchas gun geàrr an t-airgead, an ùine a bheir e cùisean a thoirt dhan a' chùirt. Tha luchd-iomairt air gearan gu bheil e a' toirt ro fhada sin a dhèanamh an-dràsta, 's gu bheil sin a' cur cuideim gun adhbhar air daoine a dh'fhulaing ionnsaighean.
Aiseag Steòrnabhaigh
Tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag ràdh gu bheil e ag aontachadh gu bheil dà bhàt-aiseig a dhìth airson na slighe eadar Steòrnabhagh 's Ulapul. Ach, chaidh e às àicheadh nach robh an Riaghaltas air èisteachd nuair a chaidh an t-iarrtas sin a dhèanamh mus tàinig an Loch Seaforth. Bha e a' bruidhinn às dèidh dhan bhàta brìseadh sìos Diciadain, 's i a' siubhal eadar Ulapul agus Steòrnabhagh.
Aonta Baile Inbhir Nis
Tha BPA an Eilein Sgitheanaich, Bhàideanaich 's Loch Abair, air ceist a thogail mu mar a tha airgead Aonta Baile 's Sgìreil Inbhir Nis ga roinn a-mach. Thuirt Ceit Fhoirbeis, a tha na Ministear son Ionmhas Poblach, gu bheil ceistean ann mu dheidhinn, ach gu bheil am maoin an urra ri Comhairle na Gàidhealtachd. Tha Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, ron a seo air teagamh a chur sna tha de dh'airgead bhuaithe ga sgaoileadh a-mach bho Inbhir Nis.
Sgeamaichean Hydro
Tha connspaid air èirigh mu phlanaichean seachd sgeamaichean Hydro a stèidheachadh ann an Gleann Èite a chosgadh còig deug millean not. Tha dragh air luchd-glèidhteachais ge-tà, mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige ann an sgìre a tha cliùiteach a thaobh a bòidhchead.
Tuiltean
Tha fear às a' Ghearmailt air a dhol a dhìth as deidh dha a bhith air a ghlacadh san uisge ann an tuiltean obann aig làrach campachaidh ann an ceann a' deas na Frainge. Tha na seirbhisean èiginn air mìle 's sia ceud duine a ghluasad air falbh bhon àite, agus tha seachd deug mìle dachaigh anns an sgìre gun chumhachd an dealain.
Ryanair
B'fheudar dhan chompanaidh adhar Ryanair cha mhòr ceithir cheud seirbhis a chur dheth ri lìnn stailc. Tha pìleatan sa Ghearmailt am-measg na th'air stailc a thòiseachadh ann an aimhreit a tha a' leantainn mu thuarastail 's modhan-obrach. Tha dùil gun deach fios gu còrr air leth-cheud mìle luchd-siubhail air feadh na roinn Eòrpa mu sheirbheisean gan cur dheth.